суббота, 29 сентября 2012 г.

Coinneamh eadar an EIS agus luchd-teagasg

Pupil writing

Tha aonadh an luchd-teagaisg, an EIS, a cumail coinneamh Diciadain airson tidsearan bho sgoiltean ann a Leòdhas agus na Hearadh a tha faireachdain gu bheil an cuid cosnadh agus cùmhnantan obrach ann an cunnart.

Tha obair tidsearan ciùil, ealain agus P.E sna bun-sgoiltean a’ tighinn gu ceann, le tidsearan àbhaisteach a’ gabhail an obair os-laimh.

Bi an aonadh cuideachd a foighneachd do cheannardan sgoile de bhuaidh a bhitheas aige seo air dòighean obrach agus an curriculum.

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gu feum iad airgead a ghearradh à cùnntas an fhoghlaim agus tha tidsearan chuspairean sònraichte sna bun-sgoiltean gu bhith air an gearradh mar phàirt dhan a sin.

Chaidh iarraidh air na tidsearan a tha ag obair ann an grunn sgoiltean sna h-eileanan, cuideachadh nan tidsearan àbhaisteach sna bun-sgoiltean, na cuspairean a theagasg.

Ged a chaidh gealltain nach deadh duine chuir as an dreuchd an aghaidh an toil, tha tidsearan a-nis gabhail eagal gun caill iad an cosnaidhean, no aig a char is fhèarr, gum bith iad na luchd-fàire nuair a bhios na tidsearan àbhaisteach dheth.

Tha ann EIS air coinneamh a ghairm ri na tidsearan ann an Àrd-sgoil MhicNeacail am-màireach aig leth uair as deidh ceithir.

Thuirt riochdaire an EIS, Richard Friseal, gun robh iad ag iarraidh na draghan a bh’aig luchd-teagaisg a thoirt fa chomhair luchd-stiùiridh an fhoghlaim.

Tha iad cuideachd gu bhith foighneachd do cheannardan sgoile, de bhuaidh a bheir na gearraidhean air a churriculum agus an uallach obrach a th’air tidsearan nam bun-sgoiltean san fharsaingneachd.

Читать полностью или написать коммент.. Про установку спутниковых тарелок в Московской областиhttp://tarelka-tv.ru/

Комментариев нет:

Отправить комментарий